Please click here to leave an anniversary message (in any language you choose). You do not need to be a member of Lowlands-L to do so. In fact, we would be more than thrilled to receive messages from anyone. Click here to read what others have written so far.
What’s with this “Wren” thing?
The oldest extant version of the fable
we
are presenting here appeared in 1913 in the first volume of a two-volume anthology
of Low
Saxon folktales (Plattdeutsche
Volksmärchen “Low German Folktales”)
collected by Wilhelm Wisser (1843–1935). Read
more ...
Uair dhen t-saoghal, bha nead aig an dreòlan anns a’ gharaid. Là bha seo, bha
an dà pharant air a dhol amach – bha iad airson rudeigin ri ithe fhaighinn
dhan na h-òigridh – agus dh’fhàg iad an fheadhainn bheaga leotha-fhèin.
An deaghaidh greis, thill an t-athair dhachaigh.
“Dè dh’èirich an seo?” ars esan. “Cò bheudaich sibh, a’ phàisdean? Tha
sibh uile fo gheilt.”
“O, athair”, thuirt iad, “Thàinig bòcan air choireigin seachad an dràsta.
Bha coltas cho fiadhaich is cho fuathmhor air! Bheachdnaich e a staigh air
an nead againn le shùilean mòra. Chuir sin eagal cho mòr oirnn.”
“Tha mi ‘tuigsinn” ars an t-athair, “Càit an deachaidh e?”
“Uell” ars iadsan, “Ghabh e sios a’ rathad sin.”
“Fuirich sibhse” ars an t-athair, “Beiridh mise air. Na bi fo chùram a’
nis, a’ chloinn. Gheibh mis’ e. Agus thòisich e air itealaich an tòir air.”
Thàinig e mun cuairt air lùb sa’ rathatd is chunnaic e gur e an leòmhann
a bha ann, a’ stràidearachd ann a’ sin.
Ach cha robh eagal sam bith air an dreòlan. Theirinn e sios air druim
an leòmhainn agus thòisich e air sglàmhradh air. “Dè an gnothach a th’agadsa,
a’ tighinn dhan taigh agamsa” ars esan “Agus a’ cur eagal a’ bhàis air na pàisdean
agam?”
Cha do dh’aithnich an leòmhann idir e agus chum e roimhe, a’ coiseachd.
Thug sin air a’ bhlaomair a bhùiteachadh na bu bhuirpe. “Chan eil gnothach idir
agad a bhith ann a’ sin, tha mi ’g innse dhut! Agus ma thilleas tu air ais”
ars esan, “Well, chì thu dè a dh’èiricheas. Chan eil mi, an da-rìreadh ag iarraidh
a dheanamh” ars esan agus e a’ togail tè dha na casan aige “Ach bristidh mi
do dhruim le mo chois ann an dìog!”
Leis a’ sin dh’itealaich e air ais dhan nead aige. “Sin sibh, a’ phàisdean”
ars esan, “Dh’ionnsaich mi leasan dhan fhear sin. Chan till e air ais.”